Cofaidh is Craic san Dàmhair – Crowdfunded Gaelic Coffee Shop @CoffeeAndCraic opening soon

[English summary below]

Coffee and Craic

A bheil cuimhne agaibh air Cofaidh is Craic? Uill, mu dheireadh thall, bidh na dorsan aca a’ fosgladh ann am Baile Fhinnie Ghlaschu, anns an Dàmhair. 

Bha dùil aig ceannard an gnìomhachais, Sarah Bolland, gum biodh Coffee and Craic a’ fosgladh bliadhna air ais ach cha d’fhuair i maoineachadh gu leòr gus sin a dhèanamh. Gu fortanach, thàinig i taic agus maoineachadh de £5000 greis air ais bho Firstport agus bidh am bùth-cofaidh choimhearsnachd aice a’ fosgladh an ath mhìos aig 74 Elderslie Street ann am Finnieston.

Tha an t-sealbhadair dòchasach gum bi an iomairt aice math airson coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Glaschu oir dh’ionnsaich i nach robh àite sòisealta mar bhùth-cofaidh ann an Glaschu gus Gàidhlig a chleachdadh gu shòisealta airson luchd-labhairt no luchd-ionnsachaidh nuair a bha i a’ dèanamh rannsachadh aig an tòiseach.

Tha coimhearsnachd cudromach do Sarah Bolland. Chleachd i cùmhachd an eadar-lìon an uiridh nuair a rinn i pròiseact Crowdfunding soirbheachail. Thog i £2035 ann an 28 làithean le  tiodhlaicean bho 84 luchd-taic anns a’ choimhearsnachd Gàidhlig ann an Glaschu agus àiteachean eile san t-saoghail. Bha aithisg air BBC An Là aig an àm siud.

coffeecraic-bbcalba
Rinn An Là aithisg air an iomairt Crowdfunding an-uiridh

Tha dùil aice gum bi deagh chofaidh agus tachartasan ann an Gàidhlig aig Coffee and Craic. Tha ùidh aice ann an ealan cuideachd agus thuirt i gum bi dealbhan air ballachan a’ bhutha agus gum bi an cofaidh agus bèicearachd a’ tighinn bho chompanaidhean beusail ann an Glaschu. Tha i airson cuairt-litir dhèanamh gach mìos cuideachd a chur air adhart na tachartasan aig Coffee and Craic anns a’ mhìos ri teachd.

Thuirt Sarah gum biodh e math ma bhiodh Coffee and Craic ainmeil ann an coimhearsnachd na Gàidhlig.

Bidh feum aice air luchd-obrach agus thuirt i gum bi i a’ sireadh daoine a dh’aithghearr.

Seo am fios-naidheachd a thàinig a-mach an-dè air Facebook / Here’s the news release from yesterday:

“After 18 months of going around in circles, we are pleased to announce that Coffee and Craic, Glasgow will be opening in October 2014.

Coffee and Craic will operate as a community interest company whereby all profit is reinvested into the company to allow us to do bigger and better things for the Gaelic community of Glasgow.

We are currently looking to arrange community activities and groups which can be help at the coffee shop, so any ideas or if you currently hold a group elsewhere and would like to relocate to Coffee and Craic, please drop us a message!

We will be recruiting for staff in the next month also, again drop us a private message if you would be interested in working with us.

The shop will be located at 74 Elderslie Street, Finnieston, Glasgow – we are currently refurbing so pop in and say hello, (and pick up a paint brush!)

Please share this post and look out for our updates.”

Summary: It has just been announced that a new coffee shop called Coffee and Craic is to open in October having received sufficient funding from Firstport and last year’s crowdfunding project. The coffee shop will have an ethical feel to it and it has been influenced by Glasgow’s Gaelic community. Shop owner Sarah Bolland hopes it will be used as a hub for social activities and Gaelic learning and earn a good reputation and even becoming a tourist destination. A monthly newsletter will be produced to say what’s happening in the month ahead. The shop will be located at 74 Elderslie Street, Finnieston, Glasgow and employment opportunities will be advertised shortly.

Advertisements

4 thoughts on “Cofaidh is Craic san Dàmhair – Crowdfunded Gaelic Coffee Shop @CoffeeAndCraic opening soon

  1. Math dha-rireabh! Tha mi an sasa anns a’ chursa GIfT is tha mi fhin airson a bhith gur cuideachadh. Cuiribh fios thugam.

  2. cuine dh’ fhosglas e? tha fhios a’m gum fosgladh e san Dàmhair, ach dè an latha? Tha mi air biorain ach am fosgladh e!

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s